Tha sinne beò...

Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.

An Creud Niceanach

Tha sinn a’ creidsinn ann an aon Dia,
an t-Athair uile-chumhachdach,
Cruithear nèimh agus talmhainn,
a h-uile nì fhaicsinneach agus neo-fhaicsinneach.

Agus ann an aon Tighearna Ìosa Crìosd,
Aon ghin Mhic Dhè
a rugadh bhon Athair roimh gach linn.
Dia de Dhia;
Solas de sholas;
Fìor Dhia de fhìor Dhia;
Ginte chan ann dèante;
Den aon t-susbaint ris an Athair,
Leis an do rinneadh a h-uile nì.
A thàinig a-nuas à nèamh air Ar son-ne daoine,
gus ar sàbhaladh;
Agus a ghabh feòil leis an Spiorad Naomh den òigh Moire;
Agus a rinneadh na dhuine.
Cheusadh E cuideachd air ar son,
Dh’fhuiling E fo Phontius Pìlat,
Agus dh’adhlaiceadh E.
Agus dh’èirich E a rithist air an treas là a rèir nan Sgriobtar;
Agus chaidh E suas do nèamh;
Tha E na shuidhe air deas làimh an Athar;
Agus thig E a rithist le glòir
a thoirt breith air bheòtha is air mhairbh;
Air a rìoghachd cha bhi crìoch.

Agus anns an Spiorad Naomh,
An Tighearna, agus Fear-tabhairt na beatha,
A tha a’ tighinn bhon Athair agus bhon Mhac.
A thathas ag adhradh is a co-ghlòireachadh
cuide ris an Athair agus ris a Mhac;
A bhruidhinn leis na Fàidhean.

Agus ann an Eaglais naomh Chaitligeach agus Abstolach.
Tha sinn ag aideachadh aon bhaisteadh
gu mathanas pheacaidhean.
Agus tha ar dùil ri aiseirigh nam mairbh
agus ri beatha an t-saoghail a tha ri thighinn.

AMEN.

Air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain D. Urchadan