Tha sinne beò...
Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.
Fàilte chun an làraich-lìn Ghàidhlig
Fàilte chun an làraich-lìn Ghàidhlig airson Eaglais na h-Alba an t-Sraith is Shlèite. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh cumail oirbh a’ coimhead air an làrach againn ’s a’ faighinn buaidh bho na goireasan againn cuideachd. Cuimhnichibh a bhith a’ tighinn air ais - oir tha sinn an dòchas a bhi a’ cur stuthan ris an làrach seo cho tric ’s a tha an comas.