Tha sinne beò...
Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.
Abba Athair
Abba Athair, O gum b’ann
leats’ a-mhàin bha mi.
Biodh mo rùn gu sìorraidh buan
umhail riuts’ a Rìgh.
Glèidh, bho bhith fàs fuar, mo chridh’,
glèidh, ’s na leig às mi.
Abba Athair, O gum b’ann
leats’ a-mhàin bha mi.
Abba Father, Dave Billbrough; © 1997 Kingsway’s Thankyou Music; Mission Praise 3
Air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain D. Urchadan
Midi | Beurla