Tha sinne beò...

Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.

A bheil e fìor gum faighinn buaidh

A bheil e fìor gum faighinn buaidh
Bho fhuil an t-Slàn’ghear, is a chàs?
’M b’ann dhomhs’ a ghabh E cràdh na h-uaigh?
Dhomh-sa a ruagaich E gu bàs?
Gràdh iongantach, cia b’urrainn Dhà -
Mo Dhia - bàsachadh air mo sgàth?
Gràdh iongantach, cia b’urrainn Dhà -
Mo Dhia - bàsachadh air mo sgàth?

Nach dìomhair seo! Bàs Aoin gun bhàs
Cò thuigeadh e sa chruinne-cè?
Cha chuireadh aingeal smuain an sàs -
A thomhaiseadh lànachd gràdh Dhè.
Is tròcair seo! Gum moladh sinn;
’S gun dèanadh aingil adhradh binn.
Is tròcair seo! Gum moladh sinn;
’S gun dèanadh aingil adhradh binn.

Dh’fhàg E cathair Athair gu h-àrd -
Cho saor, neo-chrìochnach bha a ghràs;
Dh’irioslich Ìos’ E fhèin na ghràdh -
Son sìol Adhaimh fhuair E bàs.
Nach tròcair seo an-mhòr is saor,
Oir, O a Dhè, bhlais mi Do ghaol!
Nach tròcair seo an-mhòr is saor,
Oir, O a Dhè, bhlais mi Do ghaol!

B’ fhada a laigh m’anam fo ghlas
Ceangailt’ ’s a pheacadh is oichche gnè;
Nuair sgàoil Thu dealradh gràis - a las
Am prìosan làn le soills’ bho neamh!
Thuit geimhlean dhìom, shaoradh mo chridh’,
Sheas mi, is leum, is lean mi ’n Rìgh!
Thuit geimhlean dhìom, shaoradh mo chridh’,
Sheas mi, is leum, is lean mi ’n Rìgh!

Nis chan eagal dìteadh dhomhs’!
Is leam tha Ìosa, is na tha ann!
Slàn ann an Crìosd, mo cheann ro-bheò,
Sgeadaicht’ le fhìreantachd nach gann,
Dàn thèid mi nis gu cathair Dhè
A’ shireadh crùn tro Chrìosda fhèin;
Dàn thèid mi nis gu cathair Dhè
A’ shireadh crùn tro Chrìosda fhèin.

And can it be that I should gain, Charles Wesley (1707 - 88); Mission Praise 33
Air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain D. Urchadan
Midi | Beurla