Tha sinne beò...

Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.

An Crìosd a-mhàin tha m’uile dhùil

An Crìosd a-mhàin tha m’uile dhùil
Mo sholas mòr, mo neart, ’s mo dhàn.
A Chlach-oisinn ’s mo bhunait ùr
Seasmhach tro thart ’s gach gaillionn ghrànnd’.
Nach àrd an gràdh, nach domhain sìth,
A stadas geilt, ’s a sguireas strì?
Mo Chomhfhurtair - m’uile ’s gach nì -
Seo ann an gràdh Chrìosd seasaidh mì.

An Crìosd a-mhàin - a ghabh air feòil -
Bha lànachd Dhè san Leanabh lag!
Na ghibht de ghràdh, Aon Fhìor nan Neòil,
Ach dhiùltultadh E leinne bha rag.
Gus air a’ chrann nuair bhàsaich Ìos’
Shàsaicheadh corraich cheart ar Dia;
Oir chuireadh Air am peacadh fhiar -
’S cheannaicheadh mi le bàs Chrìosda.

’Staigh anns an uamh - A chorp fon ùir -
Chuir oidhche Solas ’n t-saogh’l gu bàs.
Ach bhris E às - mar mhadainn ùr
Suas às an uaigh dh’èirich nuadh là.
’S air sgath a sheasamh ann an Neamh
Chaill mallachd uilc a ghreim nam bheath’;
Oir ’s Leas-san mi, ’s is leam-sa E -
Rèite tro fhuil phrìseil Chrìosda.

Gun chiont sa bheath’, ’s gun eagal bàis,
Seo cumhachd Chrìosd unnams’ an sàs;
Bho chiad ràin phàisd’ gu deireadh là,
Tha Ìos’ as cionn gach diog dham dhàn.
Cha toir ifrinn, no innleachd dhaoin’,
Mise a-mach à greim an Aoin;
Gun till E rìthis’, no shiubhlas m’ ùin’,
Seo ann an neart Chrìosd seasaidh mi.

In Christ Alone, Stuart Townend & Keith Getty © 2001 Thankyou music/MCPS
Air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain D. Urchadan
Midi | Beurla