Tha sinne beò...
Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.
A Thighearna Dhia! nuair sheallas mi le iong’ntas
A Thighearna Dhia! nuair sheallas mi le iong’ntas
Is m’ inntinn air gach nì a chruthaich Thu,
Chì mi na reultan, cluinneam toruinn fad’ as -
Do neart san domhan, foillsichte san t-saogh’l.
Co-sheirm
Ni m’anam seinn, A Shlan’ghear Dhè dhuit fhèin.
Nach mòrail Thu, nach mòrail Thu!
Ni m’anam seinn, A Shlan’ghear Dhè dhuit fhèin.
Nach mòrail Thu, nach mòrail Thu!
Nuair air mo chuairt tro choilltean is tro rèidhlean,
Na h-eòin nam chluais a’ binn-sheinn anns gach craoibh;
Nuair sheallas mi a-nuas bho àirde mhòr-bheann,
Cluinneam an t-allt, ’s nam aghaidh oiteig gaoith.
Nuair shaoileas mi nach d’chaomhain Dia a Mhac-san -
Gun d’ dh’ìobradh E, cha mheòraich mi gun deur;
Oir, air a chrann - a’ giùlain m’eallach throm-sa -
Dhòirt E fhuil bàis, ’s mo pheacadh ghlan gu lèir.
Nuair thilleas Crìosd, le glaodh a’ chaithreim aoibhneil
Son mo thoirt Leis, an t-aoibhneas ’s mi nach diùlt;
Is cromaidh mi le irioslachd an adhraidh
’S an sin their mi, ‘Mo Dhia, is mòrail Thu.’
O Lord my God! - Bho chànan na Ruis gu Beurla le Stuart K. Hine (1899-1989). Mission Praise 506.
Air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain D. Urchadan.
Midi | Beurla