Tha sinne beò...

Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.

Sgaoil an teine!

A Dhè na lasrach ionnlaidich
Sgaoil an teine;
Do ghibht fuil-cheannaicht’ shireamaid
Sgaoil an teine ’n-diugh.
Seall sios is faic am feachd san t-saogh’l
Bheir dhuinn an Spiorad, gheallte, Naomh,
Tha feum againn air dùsgadh ùr:
Sgaoil an teine ’n-diugh,
Sgaoil an teine ’n-diugh.

A Dhè Eliah, cluinn ar glaodh,
Sgaoil an teine;
Is deisich sinn son beath’ no ’n ùir,
Sgaoil an teine ’n-diugh.
A’ losgadh as gach lochd shalach -
An t-soills, ’s a’ ghlòir, a thoirt a-steach
Ath-nuadhachadh a thòiseachadh:
Sgaoil an teine ’n-diugh,
Sgaoil an teine ’n-diugh.

Lùigeamaid teine, ’s e ar miann,
Sgaoil an teine.
Coinnichidh e gach feum a-riamh,
Sgaoil an teine ’n-diugh.
Son neart a nì ceartas a-ghnàth,
Son gràs a sheasas anns a’ bhlàr,
Son comas coiseachd ann gun nàir’:
Sgaoil an teine ’n-diugh,
Sgaoil an teine ’n-diugh.

A’ neartachadh ar crìdh’chan crìon,
Sgaoil an teine.
A bhith beò son ar saoghal a dhìon,
Sgaoil an teine ’n-diugh.
O faic sinn air an altair sìnt’,
Is leats’ ar beathanan le cinnt,
Is crùn ar n-ìobairt ghuidheadh sinn:
Sgaoil an teine ’n-diugh.
Sgaoil an teine ’n-diugh.
Sgaoil an teine ’n-diugh.

Thou Christ of burning, cleansing flame, William Booth (1829 - 1912); Mission Praise 1004
Air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain D. Urchadan
Midi | Beurla