Tha sinne beò...
Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.
Earbsa
A Thighearna Dia,
deònaich nach biodh nì sam bith gam bhuaireadh,
Nach cuireadh nì sam bith an t-eagal orm.
Tha a h-uile nì ag atharrachadh,
Ach chan eil thusa ag atharrachadh.
Tha foighidinn a’ sealbhachadh a h-uile nì.
Cha bhi nì a dhìth orm ma bhios tusa agam.
Is tusa a-mhàin, a Dhè,
a h-uile nì a tha a dhìth ormsa.