Tha sinne beò...

Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.

Ùrnaigh Mhaidne

Tha mi ag èirigh an diugh le cumhachd Dhè airson mo threòrachadh,
Spionnadh Dhè airson mu chumail suas,
Gliocas Dhè airson sùil a chumail thairis orm,
Cluais Dhè airson mo chluinntinn,
Facal Dhè airson cainnt a thoirt dhomh,
Làimh Dhè airson mo dhìon,
Slighe Dhè airson laighe mu mo choinneamh,
Sgiath Dhè airson fasgadh a thoirt dhomh,
Feachd Dhè airson mo theasraiginn
An aghaidh ribeachan an diabhail agus buairidhean an t-saoghail,
An aghaidh a h-uile duine a bhios na mheadhan airson mo leòn,
Ge b’ e fad air falbh no faisg.

Uchd-Èideadh Phàdraig.