Tha sinne beò...

Airson Dia ar Rìgh a ghlòireachadh;
Airson Ìosa Crìosd ar Slànaighear a thaisbeanadh;
Airson ceum a chumail ris an Spiorad Naomh ar Fear-naomhachaidh;
ach am bi sinn nar solas cho àlainn anns a choimhearsnachd, is gum biodh na h-uile air an treòrachadh a-steach na Làthaireachd-san.

Ùrnaigh an t-Soinneantais

A Dhè, builich an t-soineanntas ormsa
a ghabhas ri na rudan nach urrainn dhomh atharrachadh,
am misneachd airson a bhith ag atharrachadh na rudan as urrainn dhomh,
agus an gliocas a dh’aithnicheas an t-eadar-dhealachadh.

Beò aon là aig gach àm,
a’ mealtainn aon mhòmaid aig gach àm.
A’ gabhail ri cruadalan mar an t-slighe gu sìth.
A’ gabhail, mar a rinn Esan, ris an t-saoghal peacach mar a tha e,
chan ann mar a dh’ iarrainn-sa a bhiodh e.
Ag earbsa gun cuir Esan a h-uile nì ceart
ma ghèilleas mi ri a rùn;
airson gum bi tomhas reusanta de thoileachas agam ’s a’ bheatha seo,
agus airson gum bi mi gu sònraichte toilichte leis Fhèin gu sìorraidh.

Reinhold Niebuhr (1892-1971).

Beurla

O God, grant me the serenity
to accept the things I cannot change
the courage to change the things I can
and the wisdom to know the difference.

Living one day at a time,
enjoying one moment at a time.
Accepting hardships as the pathway to peace.
Taking, as he did, the sinful world as it is,
not as I would have it.
Trusting that he will make all things right
if I surrender to His will;
that I may be reasonably happy in this life,
and supremely happy with Him forever.